Talla na Bànrighe, Sràid a' Chlèirich
Prìs: £15.00 / £13.00
(£15 bùird chabaret / £13 stàilean)
Nochd Julie Fowlis ann an saoghal a' chiùil ann an 2006, nuair a b' i a' chiad sheinneadair Gàidhlig Albannach a bhuannach an duais chliùiteach, BBC Radio 2 Folk Award. A' toirt linntean de sheann òrain bho eileanan gaothach Innse Gall gu luchd-èisteachd an latha an-diugh, tha Julie a' fuireach dìleas ri a freumhan ann an Uibhist a Tuath. Mur cuala thu i roimhe, ullaich thu fhèin airson a ceòl agus a neart seinn cumhachdach.
Tha Catriona NicAoidh, cluicheadair na bliadhna, Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba, 2007a' tighinn còmhla ri Julie.
